Bha Douglais Craigie, Murchadh Moireasdan agus Tam Moireach ag iasgach far chosta Nis nuair a thachair an tubaist
Thèid rannsachadh a bharrachd a dhèanamh air dà làrach sna h-uisgeachan far chosta Nis ann an Leòdhas mar phàirt den iomairt lorg fhaighinn air bàta-iasgaich agus dithis iasgairean air nach eil sgeul.
Bha triùir air bòrd an Kilda nuair a chaidh i a dhìth air an 13mh den Dàmhair.
Tha dithis den chriutha, Tam Moireach, 40, agus Murchadh Moireasdan, 23, fhathast gun an lorg; chaidh corp Douglas Craigie, a bha a-muigh còmhla riutha, fhaighinn sa mhuir tràth madainn an 14mh den Dàmhair.
Rinn soitheach Bòrd Thaighean-Solais a' Chinn a Tuath, an NLV Pharos, suirbhidh air an deireadh-sheachdain gu sear air Rubha Robhanais.
Tha uidheamachd muir-eòlach a nì sgrùdadh air grunnd na mara aig an NLV Pharos
Tha e mar phàirt de dh'obair Meur Rannsachaidh nan Tubaistean-Mara (MAIB) mu chall a' bhàta-iasgaich an Kilda bho chionn faisg air trì seachdainean.
Chaidh dà làrach sna h-uisgeachan a chomharrachadh far an tèid rannsachadh a bharrachd a dhèanamh.
Tha an t-Inspeactair Niall Mac an Tàilleir ag ràdh gu bheil "an smuaintean leis a h-uile duine air an robh an tubaist uabhasach a' toirt buaidh".
Criutha bhon tubaist iasgaich an Leòdhas air an ainmeachadh
Call an Kilda is an triùir air bòrd innte a' fàgail "cridhe trom aig a h-uile duine"
Bàta speisealta gus sgrùdadh 'son dithis iasgairean agus am bàta far chosta Leòdhais
Thuirt e: "Tha e riatanach gum faigh sinn fuasgladh dhan a h-uile duine agus tha sinn airson dearbhadh gu bheil an iomairt againn a' leantainn. Tha sinn taingeil airson obair eòlach an NLV Pharos thairis air an deireadh-sheachdain airson an sgrùdadh a thoirt air adhart.
"Tha sinn a' cumail oirnn ag obair le buidhnean eile, nam measg an MAIB, Buidheann na Mara is nam Maor-Cladaich agus eòlaichean mara ionadail.
"Dh'iarramaid air daoine gun iad fhèin a chur ann an cunnart.
"Feuchaibh nach dèan sibh rannsachadh an àitichean a dh'fhaodadh ur cur ann an cunnart."
Dh'iarr Poileas Alba gun tèid spèis a thoirt do phrìobhaideachd teaghlaichean an triùir fhear a bh' air bòrd an Kilda.




